HOME
In English Tha fèis a’ toirt do dhaoine cothrom a thighinn còmhla son a bhith a’ leasachadh nan sgilean aca anns na h-ealainean Gàidhlig. ’S e cothrom a bhith a’ dannsa, a’ seinn, a’ gabhail pàirt ann an dealbh-chluiche ’s a’ cluich air iomadh ionnsramaid. Tha teagasg air a chruthachadh son a bhith furasda agus spòrsail ach proifeiseanta agus èifeachdach aig an aon àm. Aig ìre nàiseanta, ’s e aon dhe na tachartasan ealanta as shoirbheachail anns na fèisean. Tha còrr is 3,500 daoine òga a’ gabhail pàirt anns na 37 fèisean a th’ ann ann an Alba gach bliadhna agus tha ceithir dhe na fèisean seo air an teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin.
A-nis, tha sinn son spiorad nam fèisean a thoirt dhan treas baile Albannach agus cothrom a chruthachadh son daoine an seo eòlas a chur air gu dè cho bòidheach agus beothail ’s tha traidiseanan nan Gaidheal.
’S e fèis rud anns a bheil thu a’ gabhail pàirt ach na smaoinich gum feum comas sam bith a bhith agad mar-thà. Na bi dragh ort mur a h-eil thu a’ cluich air an fhidheall no air a’ bhocsa no mur a h-eil thu a’ buidhinn facal Gàidhlig. Bidh cothroman gu leòr ann son pàirt a ghabhail.
Bidh a’ chiad Fhèis Lunnainn a’ gabhail àite 7-9 dhen t-Sultain 2007 ann an Roehampton, taobh an iarr-dheas Lunnainn. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh le bhith a’ coimhead air duilleagan eile dhen làrach-lìn seo.